Jump to content

Sileadh

O Uicipeid
The printable version is no longer supported and may have rendering errors. Please update your browser bookmarks and please use the default browser print function instead.
Sileadh anns an Danmhairg

Ann an sìde-eòlas agus ann an gnàth-shìde, 's e a h-uile sèorsa uisge a thuiteas bhon àile agus a ruigeas an talamh a th' ann an sileadh[1] (Gàidhlig Mhanainn: Frassaghey, Gaeilge: báisteach). Bheir sin a-steach uisge fhèin, ceòban, sneachd, flin, clachan-meallain, ach cha toir sin a-steach bhiorga, ceò air neo driùchd, a tha nas coltaiche ri co-dhlùthachadh na sileadh fhèin. Canar uisge-adhair ris na tuiteas de shilidh air an aon àite.[2]

Tha sileadh na phàirt gu math cudromach a' cearcaill uisge, leis gun toir e bùrn ùr dhan talamh, a bhrosnaicheas am beatha sa phlanaid againn, an dà chuid do dh' ainmhidhean agus do lusan, a dh' fheumas an t-uisge airson a thighinn beò.[3] 'S ann anns na sgòthan a thoisicheas an sileadh, is tuitidh an t-uisge ann am boinnealaich nuair a bhios na sgòthan loma-làn, is bheir cumhachd iom-thàirnge gu tìr iad. 'S urrainnear sgòthan a chruthachadh gus an sileadh a thoirt dhan talamh ma sgaoilear stuth ceimigeach san adhar (mar airgead-niotrait) a-measg nan sgòthan.[4] Bheir sin piseach air na boinnealaich agus bidh sileadh an lùib an ceann greiseig, ged nach eil an sileadh seo fhathast cho math 's a ghabhas.

Ged is e an t-uisge a chithear mar as trice, chan urrainear dhìochuimhneachadh gu bheil seòrsaichean eile ann, mar an t-sneachd agus na clachan-meallain. Thathar gan seòrsachadh ann am buidhnean eadar-dhealaichte cuideachd.

Ceanglaichean A-muigh

Iomraidhean

  1. Météo France
  2. Ernst Erhard Schmid (Herausgeber): Grundriss der Meteorologie. Verlag von Leopold Voss, Leipzig, 1862
  3. Leo Lysgaard, Nogle Undersøgelser over Nedbørforholdene i Danmark, Geografisk Tidsskrift, 1935
  4. Rákóczi Ferenc, Életterünk a légkör, Mundus Magyar Egyetemi Kiadó, Budapest, 1998.
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: