An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Dòmhnall Iain MacDhòmhnaill"

Content deleted Content added
Created page with 'A bharrachd air na bliadhnachan a chaill e na phrìosanach aig na Gearmailteach, chuir e seachad fad a bheatha air Uist a Deas. Bha air leth eòlach air bàrdachd agus beul-aithr...'
 
No edit summary
Loidhne 1:
A bharrachd air na bliadhnachan a chaill e na phrìosanach aig na Gearmailteach, chuir e seachad fad a bheatha air Uist a Deas. Bha air leth eòlach air bàrdachd agus beul-aithris tradiseanta nan Gaidheal agus choisinn è cliù mar aon de na prìomh bàird Gàidhlig a bh’againn a riamh.
 
Rugadh è ann am Peighinn nan Aoireann ‘sa bhliadhna 1919, an tritheamh leanamh ann teaghlach de cheithrear. B’e seanchaidh ainmeil a bha na athair, Donnchadh mac Dhòmhnaill ‘ac Dhonnchaidh aig an robh sinnsearachd a miosg bàird Chlann Dhòmhnaill, na MicRuairidh, air an t-Eilean Sgitheanach.
 
Air taobh a mhàthair bha Dòmhnall Ruadh Phàislig aige mar uncle agus b’e Aonghas MacGill-Eathain, Am Pìobaire Bàn, a’ shean-seanair.
 
Gu o’ chionn goirid s’e baile falamh a bh’ann an Snaoiseabhal.
 
Bho uncle, Niall, fhuair è eòlas air beul-aithris agus bàrdachd na fillidh cliùmhòr. Bha buaidh sònraichte aig pìosan Iain MacCodrum agus dh’ionnsaich e na riaghaltan tradiseanta airson rannan Gàidhlig a bhuineadh ris na 17mh agus 18mh linntean.
 
Aig aois 18 ghabh àite anns a’ Mhailisidh. Dà bliadhna an deidh sin, thòisich an Dara Cogadh Mòr. “Mu dheireadh thall!” thuirt e ris a phiuthair Anna nuair a chuala è an naidheachd.
 
Aig aois 18 ghabh àite anns a’ Mhailisidh. Dà bliadhna an deidh sin, thòisich an Dara Cogadh Mòr. “Mu dheireadh thall!” thuirt e ris a phiuthair Anna nuair a chuala è an naidheachd.
Cha robh fad sam bith mus robh cothrom aig Dòmhnall Iain faicinn dhà fhèin cho borb ‘sa bha cogadh. ‘S an t-Òg mhìos 1940, agus iad faisg gu leor air na tràighean an Dunkirk a mhuir amharc, chaidh an Dibhisean Gàidhealach de’n t-àrm fhàgail ‘san Fhraing, agus na naoi Airmean aig Rommel mun cuairt oir. Cha robh fhaca ach gunnaichean laimh agus iad a sabaist an aghaidh tancaichean Gearmailteach. Mu dheireadh fhuair iad an òrdugh an gunnaichean a chuir sìos gus nach biodh an coir bàs ann.
 
Anns an leabhar aige, Fo Sgàil a’ Swastika, thug Dòmhnall Iain seachad cunntas dha na bliadhnachan a cheith è fhèin ‘sa chompanach fo smachd na Gearmailteach agus iad beò ann an campaichean mar priosanaich agus iad ag obair ann am meinnichean-sàlainn agus cuaraidhean.
 
Ach, bha gu leòr càirdeas ri lorg a miosg na priosanaich cuideachd agus thuirt è mun tìde sin “Dh’ionnsaich mi barrachd anns na coig bliadhna sin na b’urrainn dhomh ann an ceithir-feuchad bliadhna de bheatha àbhaisteach.”
 
Cha robh gràinn sam bith aige air na Gearmailtich. Bha è dhan bheachd gun robh gu leòr ann a bha co-ionnan eadar na Gaidhil agus na Gearmailtich, ged a bha feadhainn de na ceannairdean aca fo righail an t-sàtan, na bheachdsa.
Line 26 ⟶ 17:
 
[[Category:Sgrìobhadairean]]