Jump to content

Alexis de Tocqueville

O Uicipeid
Am mùthadh mar a bha e 16:42, 27 dhen Iuchar 2009 le AnSiarach (deasbaireachd | mùthaidhean) (Created page with 'Air a bhreith ann an 1805, chanadh iomadach duine gun mhinich '''Alexis de Tocqueville''' nàdar an dùthaich agus an t-sluagh nas fheàrr na dhuine roimhe na duine a eile a lean...')
(diofar) ← Mùthadh nas sine | Am mùthadh mu dheireadh (diofar) | Mùthadh nas ùire → (diofar)

Air a bhreith ann an 1805, chanadh iomadach duine gun mhinich Alexis de Tocqueville nàdar an dùthaich agus an t-sluagh nas fheàrr na dhuine roimhe na duine a eile a lean.

Cha robh è ach 25 agus a treanadh airson dreuchd a ghabhail mar britheimh nuair a shiubhail e gu America ann an 1831 le caraid dha, Gustave de Beaumont, a bha cuideachd na fear-lagha. Airson mu naoi mios chuairtich iad an duthaich – bho New Orleans an taobh an deas na duthcha gu Michigan faisg air na criochan le Canada. B’e an obair a thug iad tarsainn an Cuan Atlantaig agus coir aca rannsachadh a dheanamh air priosain anns na Staitean Aonaichte gus am b’urrainn do luchd na Frainge na priosanan acasan a leasachadh ach dh’aidich e aig an t-am gun robh lan a dhùil aige barrachd a dheanamh agus è an dòchas “pìos mòr a sgrìobhadh agus cliù a choisinn dhuinn fhèin.”

Mar rannsachar chan eile teagamh sam bith gur è duine coimeasach dha-rireabh a bh’ann an de Tocqueville agus bhiodh è a còmhradh agus a cuir ceistean air a h-uile duine gun diofar an è luchd-obrach bochd a bh’annta no dotairean, senatarean, professors, governors gu duine ainmeil agus cumhachdach mar Sam Houston, a bha na phresident air Texas mus do dh’aonaich è leis na Stàitean, am President Anndra Jackson agus am President John Quincy Adams. Gu dearbha fhèin fhuair e fiùs cothrom bruidhinn ri Charles Carroll – an duine mu dheireadh a bha beo a chuir ainm ris an Declaration of Independence agus an duine a bu bheartach anns an duthaich aig an t-am a bha sin. An deidh an cuairteachadh mor a rinn e agus na h-oidhirpean aige rannsachadh domhainn a dheanamh air nadar an duthaich thill è dhachaidh agus sgrìobh è “Democracy in America” agus ged a chaidh fhoillseachadh an toiseach an 1835 cha deach è a riamh a mach a clò.

Tha an leabhar tha seo sònraichte cliùiteach airson mar a bha tuigse aige air eachdraidh an duthaich agus cho cho tric ‘sa bhruidhinn de Tocqueville air rudan a thachaireadh thairis air na bliadhnachan a bha ri thighinn. Dh’aithnich

Bha dragh mòr air Tocqueville mu’n “tyranny of the majority” agus s’ann bhuaithe a thànaig an term tha sin. Thuirt è gun robh cumhachd dha-rireabh aig am majority anns na Stàitean aonaichte agus gun robh è duilich do dhuine dhol an aghaidh a mhòr-t-sluaigh an deidh dhaibh thighinn gu aontadh air ceist. Bha e dhan beachd gur e rud cunnartach a bha seo,a gus gum faodadh e cron a dheanamh anns an t-am ri teachd. Chanadh cuid gu bheil robh seo ri fhaicinn anns na bliadhnachan a lean 9/11 agus è duilich dha rireabh beachdachadh an aghaidh a mhòr-t-sluaigh.

Tha Tocqueville fosgailte agus buadhach do gach ginealach ùra agus cleachdadh daonie le iomadach beachd no partaidh no feallsanachd poilitigeach na thuirt è mar fianais gu bheil na beachdan aca ceart. ‘S e aon de na beachdan is ainmeil a bh’aige gun tigeadh America agus an Ruis gu còstrì agus iad air fàs nas cumhachdach na na dùthchanan eile. “Tha atharraichean mòr ga-rireabh eadarra, agus dòighean na sluaigh a cheart cho atharraichte. Ach tha a h-uile coltas ann gu bheil è an dàn gum bith buaidh aig gach dùthcha thairis air leth an t-saoghal anns an linn ri thighean.” Aig àm an cogadh fuar bha luchd an làimh-dheis ann am poiliteags Amerigeanach gu math deidheal air cho tùrail ‘sa bha è agus bhiodh iad gu tric ag abairt na thuirt è nuair a rinn e coimeas eadar na Stàitean Aonaichte agus an Ruis: “aig crìdhe an Americanach tha a nàdar aige steidhichte saorsa; aig cridhe an Ruiseanach tha a nàdar stèidhichte air tràillealachd” Ach aig a cheart àm bhiodh luchd an làmh chlì a freagairt le beachd eile a bh’aige: “Chanain gum bì è gu sìorruidh nas fhurasta do phrionnsa a dh’èiricheas ann an dùthaich a tha democratach agus cumhachdach arm a thoirt gu cogadh eile na a chumail ann an sìth an deidh buaidh fhaighinn.” Mar caitligeach, ghabh Tocqueville beagan iongadh air cho laidir ‘sa bha creideamh anns na Stàitean Aonaichte, agus è den bheachd gun robh an t-sluagh nas diadhaidh air fad na bha sluagh na Frainge. Bhruidhinn è mu’n chùis ri luchd-leantainn bho’n a h-uile eaglais, ach gu h-àraidh sagairtean an Eaglais Chaitligeach, agus ‘s e chuala è bho gach taobh gur è mar a bha sgaradh laghail ann eadar an eaglais agus an stàit a bha fàgail creideamh cho laidir. Mar sin sgrìobh è “cho fads nach eil cumhachd aig creideamh seachad air dòchas agus dòigh a thoirt do dhuine ann am bròn, buannaichidh è aithre mic-an-duine.” Ach thug e seachad rabhadh cuideachd: “chan urrainn do chumhachd an riaghaltas bhith aig na h-eaglaisean gun daoine fàs a cheart cho gràinneil nan aghaidh ‘sa tha iad ris an stàit agus luchd-poileataigs fhèin.”

Bha è gu math teagmhach mu mar a bhiodh an riaghaltas agus cumhachd luchd-phoileataigs a fàs agus a sgaoileadh agus tòrr de na thuirt è a cheart cho iomchaidh ann an Washington latha an diugh. Bhruidhinn è air mar a tha an còmhnaidh sluagh mhòr de dhaoine ann a ghabhas ris am prionnsabal nach eil gnothaich sam bith aig an riaghaltas ri na thachaireas ann am beatha priobhaideach, ach aig a cheart àm tha iad uile a feuchainn ri argamaid a dhèanamh gu bheil adhbhar sònraichte ann an riaghaltas taic a thoirt dha anns na cùisean aig a bheil buaidh air an obair aigesan ach nach bu choir dha idir gabhail ri roinn sam bith eile.

Ged a bha Tocqueville mothachail air trioblaidean, agus na paradoxes, a bha ri lorg anns an siostam Americanach tha Democracy in America làn dòchas airson, agus a dèanamh moladh air, na Stàitean Aonaichte agus è ag ràdh mu dheireadh “ann an America chan è na Stàitean Aonaichte a chunnaic mi amhàin ach fìor-chruth agus nàdar Democracy fhèin.”

Chunnaic e mu fichead bliadhna mus do thachair an Cogadh Siobhalta, gum biodh cogadh mòr, borb ann stèidhichte ann an taboh a deas na dùthcha – ged a bha esan den bheachd gur ann eadar na daoine dubha agus na daoine gealla a bhiodh è an àite eadar taobh a tuath agus taobh a deas na Stàitean.

Canaidh tòrr dhaoine - ged a b’e coigrich th’annta no Americanach – gur ann trobh sùilean Tocqueville agus an sgrìobhadh a rinn è o’ chionn coir is 170 bliadhna a thuigse iad nàdar na Stàitean Aonaichte.