Dannsa
Appearance
![](http://178.128.105.246/content-http-upload.wikimedia.org/wikipedia/commons/thumb/f/f9/Pierre-Auguste_Renoir_-_Suzanne_Valadon_-_Dance_at_Bougival.jpg/220px-Pierre-Auguste_Renoir_-_Suzanne_Valadon_-_Dance_at_Bougival.jpg)
Is e a tha ann an dannsa, gluasad an comh-ruith le ceòl. Lorgar dannsa ann am muinntirean tùsanach, mar as trice an co-bhonn le gnàthan-chreideimh. Am measg muinntirean nas leasaichte, nochdaidh dannsaichean ann an co-theacs sòisealta, còmhla ri neo saor bho ghnàthan-chreideimh.
Gun teagamh tha taobh spioradail ri dannsa, ged a bhiodh sin a' nochdadh ann an aoradh do dhiathan pàganach, an comharrachadh co-bhonnan sòisealta treubhach neo an comharrachadh sunnd pearsanta.